Talk

Ruairidh MacIlleathain (Roddy Maclean)

Nairn Community & Arts Centre,
2 Sep – 2 Sep

Ruairidh is a broadcaster, writer, educator and storyteller, based in Inverness, and working mostly in Gaelic. This year he launched his second Gaelic novel for adults Tàcharan Mhealbhaigh (‘The Changeling of Melvay’). Set on a fictional island off the West Highland coast, the story is one of intrigue and political extremism in which a Gaelicspeaking island community is forced to confront the evils of Nazism following the island’s purchase in the 1930s. The ‘tàcharan’ of the title is a child born on Melvay of uncertain parenthood who becomes a pawn in an international and deadly chess-game that haunts the island during the Second World War and its aftermath. Ruairidh’s first full-length novel – Còig Duilleagan na Seamraig ‘The Five Leaves of the Shamrock’ won the Donald Meek Award and was short-listed for the Saltire Society Awards (2019). In a bilingual Q&A session, Ruairidh will speak about his latest novel, and about the challenges and joys of writing fictional narratives for adults in Gaelic.

Tha Ruairidh na chraoladair, sgrìobhadair, oide agus sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis. Am-bliadhna, chuir e air bhog an dàrna làn-nobhail Gàidhlig aige do dh’inbhich – Tàcharan Mhealbhaigh. Tha an sgeul iom-fhillteach a’ gabhail àite air eilean beag macmeanmnach air taobh an iar na Gàidhealtachd a th’ air a cheannach anns na 1930 le feadhainn a tha taiceil do Nadsaidheachd agus a tha ag adhbharachadh iomadh gnothach oillteil ann. ’S e an ‘tàcharan’ leanabh a th’ air a bhreith anns an eilean agus air a bheil ceist mhòr mu cò b’ athair dha. Tha e na fhear-tàileisg air bòrd cluaineach eadar-nàiseanta a tha a’ gabhail a-steach na Gearmailt agus Argentina, a bharrachd air Mealbhaigh fhèin. Choisinn a’ chiad làn-nobhail aig Ruairidh – Còig Duilleagan na Seamraig – Duais Dhòmhnaill Meek agus bha i air geàrr-liosta Duaisean Comann Crann na h-Alba (2019). Ann an tachartas dà-chànanach, bruidhnidh Ruairidh mun nobhail ùir aige, agus mun dùbhlan agus tlachd a gheibhear bho bhith a’ sgrìobhadh ficsean do dh’inbhich ann an Gàidhlig.

You may also enjoy…